Ceist mu physiotherapy chloinne sna h-eileanan

  • 5 An t-Iuchar 2017
Euslainteach a' faighinn physiotherapy Image copyright amriphoto

Tha Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil dragh air èirigh mu sheirbheis physiotherapy na cloinne san sgìre.

A-rèir Alasdair Allan, tha màthraichean chloinne le ciorram air a dhol thuige a' gearain nach eil an t-seirbheis ri fhaotainn dhaibh bho dh'fhàg am physiotherapist a bh'ann a dreuchd air a' mhìos a chaidh.

Thuirt Mgr Allan nach eil seirbheis idir ann rè an t-samhraidh a-nis.

Tha e ag radh gun d'thuirt NHS nan Eilean Siar agus Bòrd Amalaichte nan Eilean (IJB) ris gum biodh seirbheis aon latha san t-seachdainn ann às dèidh an t-samhraidh.

"Se a' cheist a th'agam-sa carson nach robh sin air tachairt ron a seo?" thuirt Mgr Allan.

Tha am bòrd slàinte agus an IJB ag ràdh gun do chur iad sanasan a-mach dà thuras airson na dreuchd agus gu bheil iad a' dèanamh oidhirp neach fhastadh.

Ged a tha Mgr Allan a' gabhail ris nach eil e an còmhnaidh furasta dreuchdan bàn sna h-eileanan a lìonadh tha e a' togail cheistean mu carson a tha cùisean cho slaodach leis gun deach tòiseachadh a' bruidhinn mun trioblaid bho chionn ceithir mìosan.