Bàs Uibhistich ann am Prìosan Bhàrr na Linne

  • 5 An t-Iuchar 2017
Prìosan Bhàrr na Linne Image copyright Geograph/Chris Upton

Dhearbh Seirbheis Prìosain na h-Alba gun do bhàsaich fear às na h-Eileanan an Iar agus e an grèim ann an Glaschu.

Bha Anndra Lorne MacDougall, aois 49, air nochdadh aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Loch nam Madadh bho chionn ceala-deug.

Bha Mgr MacDougall à Beinn na Faoghla bho thus ach a' fuireach ann an Loch Baghasdail.

Nochd e sa chùirt ann an Loch nam Madadh air an 20mh den Ògmhios.

Dh'aidich e roimhe gun do chur e brath fòn mì-iomchaidh gu neach-taic dibhe.

Bha e an grèim ann am Prìosan Bhàrr na Linne ann an earra thuath Ghlaschu nuair a bhàsaich e.

Thuirt neach-labhairt bho Sheirbheis Prìosain na h-Alba gun deach fios a chur gu Poilis na h-Alba, agus gun tèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.

Thuirt iad cuideachd gun deach fios a chur chun teaghlaich, agus gur dòcha gum bi rannsachadh tubaist bhàsmhor ann san àm ri teachd.