Cumhachd ath-nuadhachail ga dheasbad

  • 4 An t-Iuchar 2017
Crann-gaoithe

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar gum biodh na pàrtaidhean poilitgeach uile a' cur taic ri sgìrean eileanach na h-Alba aig deasbad aig Westminster Dimàirt air cumhachd ath-nuadhachail.

Tha ceist ga togail aig an deasbad mun ghealltanas a rinn na Tòraidhean sa mhanifesto aca gus taic a chumail ri sgeamaichean cumhachd-gaoithe anns na h-Eileanan.

Thuirt cathraiche leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, gum biodh leithid de thaic a dhìth fhathast airson cothrom a thoirt do sgìrean eileanach a dhol an sàs ann an leasachaidhean cumhachd.