"Ceannaichaibh ar tiocaidean cho tràth sa ghabhas"

  • 4 An t-Iuchar 2017
MV Loch Seaforth Image copyright Handout

Chuir Comhairle nan Eilean Siar agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn impidh air luchd-siubhail dha na h-eileanan seirbheisean bàta-aiseag agus bus a chur air dòigh cho tràth 's a ghabhas.

Dh'innis Calmac mar-tha gum feum daoine a tha a' coiseachd air bòrd nan aiseagan eadar an 16mh agus 24mh den Iuchar, tiocaidean a cheannach ro làimh 's dùil gum bi na bàtaichean trang le daoine a' siubhal gu Fèis Cheilteach Innse Gall.

Thuirt an comhairliche, Ùisdean Robastan, Cathraiche Comataidh Còmhdhail agus Bun-structair aig Comhairle nan Eilean Siar: "Tha sinn air ar dòigh gu bheil uimhir de dhaoine a' tighinn chun nan eilean thairis air an t-samhraidh agus tha fadachd oirnn fàilte a' chur orra.

"Bidh seachdain na fèis gu h-àraidh trang, leis an aiseag eadar Ulapul agus Steòrnabhagh agus seirbheisean eile loma-làn agus tha sinn airson maill agus dàil a' sheachnadh.

"Mholainn do dhaoine a tha a' siubhal le càr no a' coiseachd air bòrd, dèanamh cinnteach gun dèan iad bucadh cho luath 's a ghabhas agus a bhith aig a' phort cho tràth `s as urrainn dhaibh air an là.

"Tha e cuideachd cudromach dha-rìreabh do dhaoine a' tha an dùil siubhal air a' bhus eadar Ulapul agus Inbhir Nis tiocaidean a cheannach bho Citylink air an làrach-lìn aca, no le bhith a' cur fòn thuca co-dhiù 48 uairean a' thìde ron àm gus nach bi iad air am fàgail mì-thoilichte," thuirt e.