Oidhirp às ùr gus Gearastan Deòrsa a shàbhaladh

  • 4 An t-Iuchar 2017
Image copyright Colin Smith/Geograph

Chuir Ministear nan Seann Seirbhisichean Airm impidh air Minstreachd an Dìon beachdachadh às ùr air a' cho-dhùnadh gus Gearastan Deòrsa a dhùnadh.

Choinnich Cè MacIlleDhuinn ri Ministear Dìon na Rìoghachd Àonaichte, Tobias Ellwood, ann an oidhirp an gearastan faisg air Inbhir Nis a chumail fosgailte.

Thuirt Mgr MacIlleDhuinn gur e gearradh fìor chruaidh a bh'anns na planaichean 's e air ceistean a thogail mu na h-adhbharan a th'air an cùlaibh.

Dh'ainmich an MoD aig deireadh na bliadhna an-uiridh gun sguireadh iad a' ruith Gearastan Deòrsa mar ionad airm.

Tha dùil gun tèid a dhùnadh 's a bhliadhna 2032.

Tha an t-ionad am measg 8 làraich airm air feadh Alba a thathas an dùil a thèid a dhùnadh thar na fichead bliadhna a tha romhainn.

Thuirt Riaghaltas Westminster roimhe gun robh oighreachd an airm ro mhòr agus gum faigheadh iad luach nas fheàrr bhon airgead a tha iad a' cosg sa roinn troimh a' bhith a' dùnadh nan ionadan a tha seo.