Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuarastal

Thuirt an Seansalair, Phillip Hammond, gum feum an riaghaltas a bhith faiceallach le an cuid airgead ged a tha àrd-mhinistearan a' cur cuideam air àrdachadh pàighidh a' thoirt dhan na seirbheisean poblach. Thuirt Mgr Hammond gum feum esan cothromachadh a dheanamh eadar dè tha ceart do luchd-obrach agus dè tha ceart dhan phoball a tha a' pàigheadh an tuarastail.

Grenfell

Chaidh iarraidh air a' bhritheamh a tha os cionn an rannsachaidh air teine Tùr Grenfell seasamh sìos. Tha ball-parlamaid Làbarach sgire Kensington, Emma Dent Coad, ag ràdh nach eil earbsa sam bith aig na teaghlaichean ann an comasan a bhritheimh, Sir Martin Moore Bick.

Ionnsaighean drabasta

Tha rannsachadh a rinn am BBC ag radh gun deach ionnsaighean drabasta a chleith ann am feachdan cadet Bhreatainn. Thuirt Ministreachd an Dìon, a tha os cionn nan caideatan, gu bheil riaghailtean teann aca airson dìon air òigridh. Ach tha am prògram telebhisein, Panorama, ag ràdh gu bheil dearbhadh aca nach deach dèiligeadh mar bu chòir ri casaidean mu ionnsaighean drabasta.

Rathaidean

Tha ùghdarrasan ionadail an Alba a' tighinn còmhla a choimhead air càradh agus staid nan rathaidean anns a cheann a tuath agus air a chosta an iar. Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra Ghàidheal 's Bhòid, Comhairle Mhoireibh, Comhairle Mhachaire Aonghais, Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain agus Comhairle Bhaile Obar Dheathain comataidh a stèidheachadh eatorra. Bidh Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain os cionn na buidhne airson a' chiad bhliadhna.

Coirea a Tuath

Rinn Coirea a Tuath deuchainn eile le urchair ballistic os cionn na mara air costa an ear na duthcha. Thuirt Coirea a Deas gun do shiubhail an urchair fad sia ceud mìle mus tàinig i a-nuas ann am Muir Iapan.

Trèanaichean

Tha càineadh ann air Scotrail 'son na seirbheis aca air loidhnichean a chinn a tuath. Tha figearan ùra ag ràdh gu bheil Abellio, a chompanaidh Dhuitseach aig a bheil a chùmhnant, a' dèanamh nas fheàrr na bha iad agus 95% de na trèanaichean air a mhìos a chaidh a' ruith an taobh a-staigh coig mionaidean den chlàr-ama. Ach tha am ball Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rhoda Ghrannd, ag ràdh nach ionnan sin agus seirbheisean gu ruige Inbhir Ùige, Baile Dhùthaich, Inbhir Ghòrdain agus Eiliginn far an robh còrr 's leth de na seirbheisean air dheireadh.