Taic son dèiligeadh ri sgeamaichean foill

  • 4 An t-Iuchar 2017
CAS Image copyright CAS

Tha Meur nan Eilean Siar de Sheirbheis Comhairleachaidh a' Phobaill a' dèanamh oidhirp mhòr air a' mhìos-sa na cunnartan bho sgeamaichean foill a thoirt gu aire dhaoine.

Bheir iad taic do dhaoine le bhith a' toirt comhairle seachad mu mar a bu chòir dhaibh a leithid a làimhseachadh.

Tha seo mar phàirt de dh'iomairt nàiseanta a tha a' toirt còmhla grunn bhuidhnean air feadh na dùthcha ann an oidhirp stad a chur air sgeamaichean foill a tha a' toirt buaidh air na milleanan de dhaoine gach bliadhna.

Thuirt Ceitidh Anna NicFhionghain bho mheur nan Eilean Siar de CAS gu bheil seo a' toirt buaidh air a h-uile duine.

"Tha seo a' bualadh air sean agus òg ann an iomadach dòigh," thuirt i.

"Tha mi a' creidsinn gu sònraichte seann daoine agus daoine a tha a' fuireach leotha fhèin, tha iadsan glè thric air am bualadh le rud mar seo.

"Bidh daoine a' dol timcheall nan dorsan a' tabhainn obair a dhèanamh air prìsean saor 's tha iad dìreach a falbh leis an airgead gun càil a dhèanamh air a shon," thuirt i.

Leis a sin, tha CAS airson dèanamh cìnnteach gum bi fios aig daoine co ris a bheil iad a' dèilgeadh.

"Ma tha teagamh sam bith aca anns a rud a tha iad a' cluinntinn no a' faicinn tha sinn ag iarraidh orra anns a' chiad àite fios a chur gu Oifis nan Inbhean Malairt agus bu chòir fiosrachadh a bhith an sin mu an e daoine ceart ris a bheil iad a' dèiligeadh," thuirt i.