Bàs an t-sloinnteir Chrissie Lawson

  • 4 An t-Iuchar 2017
Chrissie Lawsan 's i a-muigh a'clàradh 'son prògram Cuairt MhicIlleMhìcheil air Radio nan Gaidheal ann an 2007.
Image caption Bhiodh Chrissie tric a' nochdadh air prògraman Radio nan Gaidheal.

Chaochail Chrissie Lawson a bha aithnichte airson an obair-shloinntearachd anns an robh i an sàs.

Cuide ris an duine aice, Bill, stèidhich iad gnìomhachas sloinntearachd, Co Leis Thu? anns an Taobh Tuath sna Hearadh.

Rè nam bliadhna tha na mìltean dhaoine air tadhal air ionad Seallam! a' sireadh fiosrachaidh mun cuid teaghlaichean.

Tha na clàran air fad aig Co Leis Thu? a-nis aig Urras Dualchas an Taobh Tuath ann an Seallam! agus tha 80,000 clàr aca air an eadar-lìon.

Rugadh agus thogadh Chrissie ann an Seiseadar ann an Leòdhas.

Bha i ag obair na nurs ann an Glaschu agus Leòdhas mus deach i an sàs ann an obair-shloinntearachd.

Bhiodh i gu math tric a' nochdadh air prògraman Radio nan Gaidheal a' bruidhinn mu eachdraidh nan Gàidheal agus eilthireachd.

Bha Chrissie air a bhith tinn airson greis.