Comhairlean a' co-obrachadh air na rathaidean

  • 4 An t-Iuchar 2017
Rathad ann an Cill Donnain Image copyright Geograph/John Lucas

Tha ùghdarrasan ionadail air feadh a' chinn a tuath agus air a' chosta an iar air thighinn còmhla ann am buidheann airson coimhead air staid nan rathaidean.

Tha na comhairlean à Earra Ghaidheal, na h-Eileanan an Iar, a' Ghaidhealtachd, Moirbh, Sgìre Aonghais agus baile agus siorrachd Obar Dheathain uile an sàs sa bhuidhinn air a bheilear a' gabhail Co-chomataidh Co-obrachadh Rathaidean.

Thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gun cuidich a' bhuidheann ann a bhith a' dèiligeadh ris a' bhuaidh a tha gearraidhean ann an ionmhas agus luchd-obrach a' toirt air na rathaidean.

"Tha sinn air tòrr de dh'oifigearan aig an robh sgilean àraid a chall sna bliadhaichean a tha air a dhol seachad 's tha sinn a' coimhead air a bhith a' roinn sgilean ann an dòigh 's gun urrainn dhuinn a bhith a' dèanamh sgrùdaidh agus mathachaidh air obraichean na comhairle air rathaidean nuair a tha sinn uile ag obrachadh còmhla.

"Tha e math a bhith a' co-obrachadh 's a lìbhrigeadh seirbheisean ann an dòigh èifeachdach agus buadhach dha na comhairlichean ùile," thuirt Mgr Robasdan.

Ged nach eil na h-ùghdarrasan ionadail an urra ri prìomh rathaidean na dùthcha thuirt Mgr Robasdan gun robh e an dòchas gun urrainn dhan a' chomataidh buaidh a thoirt air na tha a' tachairt le na rathaidean sin.

'S iad Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain an t-ùghdarras a bhios a' stiùireadh chùisean sa chiad bhliadhna dhen chomataidh.

Thuirt Stiùiriche Seirbheisean Coimhearsnachd an ùghdarrais, Uilleam Gilfillan, gur e cothrom a bha seo seirbheisean a' phobaill leasachadh agus tòrr a bharrachd a dhèanamh ann an co-bhann le ùghdarrasan eile.

"Dh'fhaodadh sinn adhartas fhaicinn ann an seirbheisean sònraichte leithid obair-dealbhachaidh agus fasdaidh, agus le a bhith ag obair còmhla tha sinn an dòchas gun urrainn dhuinn luchd-obrach sgileil a chumail na'n dreuchdan," thuirt e.