Càineadh air Scotrail

  • 4 An t-Iuchar 2017

Chaidh càineadh a dhèanamh air a' chompanaidh rèile, Scotrail, airson cho tric sa tha trèanaichean aig tuath air dheireadh.

Ged a tha àireamhan ùra a nochd Dimàirt a' dèanamh dheth gun robh seirbheisean Scotrail aig an ìre as fheàrr air a' mhìos 's a chaidh bhon a chaidh an gabhail thairis le Abellio às an Òlaind, cha robh ach nas lugha na an dàrna leth de na seirbheisean aig stèiseanan Inbhir Ùige, Baile Dhubhthaich, Inbhir Ghòrdain agus Eilginn a-rèir a' chlàir-ama aca.

Thuirt ball-pàrlamaid Albannach na Gàidhealtachd, Rhoda Ghrannd, nach b' urrain do dhaoine earbsa a chur san t-seirbheis.