A' fàgail aonta air iasgach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Rìoghachd Aonaichte a' fàgail aonta an EU air iasgach

3 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheilear a dol a tharraing a-mach à aonta - a tha a leigeil le cuid de sgothan-iasgaich bho dhùthchanan Eòrpach - a bhith ag iasgach eadar sia is dusan mìle bho chladaichean Bhreatainn.

Tha Comunn Iasgairean nan Eilean Siar a' cur fàilte air an naidheachd, agus iad den bheachd gun tòir e piseach air iasgach an rionnach agus an sgadan san sgìre, mar a tha Karen Elder ag aithris.