Bas naoidhean amhrasach

  • 3 An t-Iuchar 2017
Police outside flats Image copyright JASPERIMAGE

Thuirt na Poilis ann an Inbir Nis gun robh bàs naoidhein sa bhaile air a' mhìos a chaidh, na chùis amharais.

Bhàsaich Mikayla Haining Diardaoin an ochdamh là den Ògmhìos an dèidh dhi a bhith air a toirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thuirt an Detective Brian Geddes, a tha os cionn an rannsachaidh mu mar a bhàsaich i, gun robh iad air sgrùdadh farsaing a dhèanamh agus gun urrainn dhaibh a-nis dearbhadh gun robh iad amharasach mu a bàs.

Thuirt e gun robh an rannsachadh aca a' leantainn feuch faighinn a-mach dè dha-rìribh a thachair agus gum biodh e ceàrr dhà càil a chòrr a ràdh aig an ìre seo.

Chaidh iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur gu na Poilis neo gu Crimestoppers.