Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumhachd

Tha planaichean aig riaghladair na cumhachd, Ofgem, 'son tuilleadh dìon a chur air daoine aig a bheil teachd a-steach ìosal. Tha casg ann mar-thà air feadhainn a tha a' cleachdadh 'son pàigheagh ro làimhe 'son dealain agus gas agus tha Ofgem a' beachdachadh air sin a leudachadh gu feadhainn de theaghlaichean le clòinn òga agus gu seann daoine.

EDF

Thuirt a' chompanaidh Fhrangach, EDF, a tha a' togail stèisein cumhachd niùcleasach aig Hinkley Point ann an Somerset gu bheil cosgais a' phroiseict air èirigh corr 's billean gu leth not. Tha e coltach gu faodadh maill 15 mìosan a dhol air an obair cuideachd.

Roinn Phoblach

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Boris Johnson, a' cur a thaic ri àrd-mhinistearan eile san Riaghaltas a tha ag iaraidh casg a thogail air àrdachadh pàighidh san roinn phoblaich. Tha coignear eile dhiubh ag iaraidh air an t-Seanslair Phillip Hammond cuir as dhan chasg a tha stèidhichte aig 1%.

Jersey

Thig an athaisg feasgar an diugh bhon rannsachadh phoblach mu dhroch dhìol an aghaidh cloinne ann an Jersey. Thug corr's 600 fianaisaiche fiosrachadh dhan rannsachadh mu chasdaidean gu robh ionnsaighean agus drabasdachd a' dol air adhart aig dachannan cloinne agus an aghaidh cloinne a bha ann an dachannan dalta.

Tubaist Bus

Tha aithrisean ann gun do chaill 18 daoine am beatha ann an tubaist le bus ann an ceann a deas na Gearmailt. Chaidh corr 's 30 duine a ghoirteachadh nuair a chaidh am bus na theine an dèidh bualadh ann an làraidh.

DUP

Bidh Rùnaire Eaconomaidh na h-Alba, Keith Brown, ann am Westminster feasgar 's e ag iarraidh soilleireachaidh air an aonta eadar Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte agus an DUP. Tha an t-aonta, fon toir an DUP taic dhan riaghaltas Tòraidheach, a' toirt £1m a bharrachd de thaic-airgid do dh'Eirinn a Tuath. Tha Keith Brownn ag ràdh gu bheil sin a' dèanamh di-meas air sgìrean eile san Rioghachd Aonaichte.

Èirinn a Tuath

Bheir Rùnaire Èirinn a' Tuath, Seumas Brokenshire, aithris do Thaigh nan Cumantan feasgar air na còmhraidhean 'son Seanadh Èirinn a' Tuath a stèidheachadh as ùr. Chaidh ceann-là eile, Diardaoin seo chaidh, seachad gun aonta.

Teine

Tha rannsachadh a' dol air adhart an dèidh do dhuine a bheatha a chall ann an teine ann am flat ann an Steòrnabhagh oidhche Shathairne. Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm dhan toglach faisg air a' chearcall eadar Rathad MhicAmhlaigh agus Rathad Perceval mu leth-uair àn dèidh seachd oidhche Shatharna. Chaochail an duine san ospadal ann ann an Steòrnabhagh.