Sagart a' leigeil dheth a dhreuchd às dèidh 60 bliadhna

  • 4 An t-Iuchar 2017
Monsignor Wynne Image copyright Anthony MacMillan

Tha sagart cliùiteach ann an Loch Abar air a dhreuchd a leigeil dheth às dèidh 60 de sheirbheis dhan Eaglais Chaitligich.

Tha dùil gur e am Monsignor Wynne, tha 86, an sagart as fhaide na dhreuchd ann an Alba.

Bha am Monsignor Wynne stèidhichte aig Eaglais an naoimh Mairead ann an Drochaid Ruaidh.

Image copyright Anthony MacMillan

Tha am paraiste sin cuideachd a' gabhail a-steach Drochaid an Aonachain agus Inbhir Garadh.

Bha am Monsignor Wynne cuideachd air a bhith a' frithealadh anns an Òban, Baile Bhòid, Ceann a' Ghiùthsaich agus Àrasaig.

Thàinig e a Dhrochaid Ruaidh bho chionn 20 bliadhna.

Chaidh gluasad a chur air adhart ann am Pàrlamaid na h-Alba leis a' BhPA Ghàidhealach, Dòmhnall Camshron, 'son na bliadhnaichean mòra de sheirbheis a tha air a bhith aig a' Mhonsignor Wynne aithneachadh.

Thuirt am Monsignor Wynne gum bi e a' tilleadh dhachaigh dhan Ghearasdan.