Riaghaltas Albannach cur fàilte air gluasad iasgaich

  • 3 An t-Iuchar 2017
Bàtaichean iasgaich Image copyright fotoVoyager
Image caption Chuir an Riaghaltas ann am Westminstea romhpa tarraing a-mach às an aonta a tha a' toirt cead do dh'iasgairean bho thall thairis iasgach ann an uisgeachan Bhreatainn.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur taic ri moladh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus aonta eadar-nàiseanta air ceadan iasgaich fhàgail.

Chuir an Riaghaltas ann am Westminster romhpa tarraing a-mach às an aonta a tha a' toirt cead do dh'iasgairean bho thall thairis iasgach ann an uisgeachan Bhreatainn.

Tha iad air leigeil fhaicinn gun tòisich iad am proiseas gus tarraing a-mach à Co-chruinneachadh Iasgaich Bhreatainn.

Bheir e dà bhliadhna tighinn a-mach às an aonta.

'Smachd a ghabhail'

Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd 'son Riaghlaltas na Rìoghachd Aonaichte, Mìcheal Gove gur e ceum cudromach a tha son gus 'smachd a ghabhail air ais' air iasgach.

Caillidh iasgairean Breatannach cead obrachadh ann an uisgeachan aig na dùthchannan eile a chuir an ainm ris an aonta: An Fhraing, A' Ghearmailt, A' Bheilg, Èireann is an Òlaind.

Thuirt Mgr Gove: "'S e ceum cudromach a th'ann Co-chruinneachadh Iasgaich Lunnainn fhàgail fhad' 's a tha sinn a' gabhail smachd a-rithist air poileasaidh an iasgaich againn.

"Bidh seo a' ciallachadh 'son a' chiad turas ann an còrr is 50 bliadhna gum bi comas againn co-dhùnadh a dhèanamh cò gheibh cead anns na h-uisgeachan againn.

Fàilte bhlàth

Tha Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich a' ceadachadh, a thuilleadh air Co-chruinneachadh Iasgaich Lunnainn, soitheachean bho dhùthchannan an EU air fad iasgach sa mhuir 12 mìle bho na cladaichean.

Thug Àrd-oifigear Caidreachas Iasgairean na h-Alba, Bertie Armstrong taic dhan mholadh.

Thuirt e: "Thathar a' cur fàilte bhlàth air a' cheum seo - bidh cead iasgaich anns na h-uisgeachan beartach againn an urra riunn fhèin nuair a tharraingeas sinn a-mach à Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich.

"Mar phàirt dheth, 's e teachdaireach làidir a th'ann mu na bhios romhainn gu bheil sinn a' tarraing a-mach à Co-chruinneachadh Iasgaich Lunnainn.

Tha luchd-strì na h-àrainneachd air draghan a thogail mu ciamar a thèid smachd a chumail air iasgach nuair a dh'fhàgas Breatainn an siostam riaghlaidh eadar-nàiseanta mar a tha e an-dràsta.

Laigsean

Thuirt Ceannard nan Cuantan aig Greenpeace, Will MacCaluim: "Fad bhliadhnaichean, tha riaghaltasan Bhreatainn air a bhith a' coireachadh na Bruiseil 'son nan laigsean aca fhèin ann a bhith a' cur taic ri iasgach aig na h-ìrean as lugha, a tha math dhan àrainneachd agus a tha na chnàimh-droma ro ghnìomhachas an iasgaich.

Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd air taic a thoirt ann am prionnsabal an t-aonta fhàgail.

Thuirt Rùnairea an Iasgaich, Fearghas Ewing: "Tha sinne air a bhith a' putadh 'son ùine mhòr 'son a' cho-dhùnaidh a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dìreach air a ghabhail.

"'S e am prìomhachas a th' againn dìon a chur air gnìomhachas an iasgaich agus tha e follaiseach nach eil cead fosgailte do na h-uisgeachan againn na dheagh dhòigh 'son sin a dhèanamh.

Thuirt e: "Seasaidh Riaghaltas na h-Alba 'son gnìomhachas an iasgaich againn, gnìomhachas a tha ro thric air a leigeil sìos le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.