Cupa an t-Samhraidh a' dol gu na Saints

  • 3 An t-Iuchar 2017

Chaidh Cupa an t-Samhraidh ann an Lìog Uibhist 's Bharraigh gu Saints an Iochdair às dèidh do sgioba Bharraigh air co-dhùnadh nach cluicheadh iad.

Bha Barraigh airson dàil a chur anns a' gheàma leis 's gu robh an rèis Barrathon ga cumail Disathairne.

Ach dh'fhailnich air an dà thaobh latha eile aontachadh.

Agus thuirt Comann Ball Coise Uibhist 's Bharraigh gu feumadh iad, fo riaghailtean na buidhne, an Cupa a thoirt do sgioba an Iochdair.