Soirbheachas aig na Geamaichean Eileanach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Soirbheachas aig na Geamaichean Eileanach

3 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha seachdain shoirbheachail aig sgioba nan Eilean Siar aig geamaichean nan eilean ann an Gotland, 's iad air 14 buinn a chosnadh - deich buinn òir nam measg.

Tha dusan bliadhna bhon a chaidh na h-Eileanan Siar a-steach gu na geamaichean an toiseach.

Agus tha oidhirp a' nis ga dhèanamh airson co-obrachadh a bhrosnachadh eadar na diofar eileanan a bhios a' gabhail pàirt anns an fharpais.

Ach chaidh ceistean a thogail mun sgioba ball-coise agus an structar a tha an cois sin.

Bha an comhairliche Coinneach MacLeòid aig na geamaichean mar riochdaire Chomhairle nan Eilean Siar.