Ospadal Dhùn Bharra fuireach fosgailte

  • 3 An t-Iuchar 2017
Ospadal Dhùn Bharra Image copyright Geograph: J. Thomas
Image caption Tha NHS na Gàidhealtachd air innse gum bi an t-ospadal fhathast fosgailte tron là, ged nach bi euslaintich a' fuireach na h-oidhche ann.

Tha fear de chomhairlichean Ghallaibh air fàilte a chur air gum bi Ospadal Dhùn Bharra ann an Inbhir Thèorsa a' fuireach fosgailte a' chiad ghreis co dhiù.

Bha An Comh. Rèamonn Bremner am measg na bha draghail mu na bha an dàn do ghoireasan slàinte Ghallaibh.

Ach tha NHS na Gàidhealtachd air innse gum bi an t-ospadal fhathast fosgailte tron là, ged nach bi euslaintich a' fuireach na h-oidhche ann.

Thuirt iad, ge-tà, gu bheil trioblaid aca le luchd-obrach fhastadh san sgìre.