Casaid Meirle air fear à Caol Loch Aillse

  • 3 An t-Iuchar 2017

Nochd fireannach sa chùirt fo chasaid gun do rinn e mèirle air taigh-aoigheachd ann am Port Rìgh.

Tha Cornelius Stevenson, a tha sia bliadhna fichead de dh'aois, agus à Caol Loch Aillse, cuideachd fo chasaid ionnsaigh co-cheangailte ris a' mhèirle aig Taigh-Òsta Marmalade Didòmhnaich.

Thachair a' chùis aig Taigh Òsta Marmalade mu dheich mionaidean gu còig madainn Didòmhnaich.

Chaidh beagan cheudan nòtaichean a ghoid ged a fhuaireas an t-airgead air ais.

Chaidh a chumail an grèim.