Bàs às dèidh teine an Steòrnabhagh

  • 3 An t-Iuchar 2017

Tha fireannach air bàsachadh às dèidh teine ann am flat ann an Steòrnabhagh air an deireadh sheachdain.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun an togalaich ann an sgìre Manor Park den bhaile oidhche Shathairne.

Thòisich an teine goirid às dèidh leth uair às dèidh 7:00f. oidhche Shathairne.

Chaidh trì einnseanan smàlaidh, a chur chun an teine, ann am flat aig a' chearcall-rathaid eadar Rathad MhicAmhlaigh agus Rathad Perceval agus chur iad às an teine.

Thuirt na poilis gun deach fireannach a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh, ach gun do chaochail e.

Chaidh fios a chur mar-thà chun a theaghlaich.