Aonad Gàidhlig ùr san Ros Mhuileach

  • 30 An t-Ogmhìos 2017
Bun-Sgoil Bhun Easain Image copyright JaneMcArtney/Geograph

Tha pàrantan anns an Ros Mhuileach toilichte gun tig aonad Gàidhlig dhan sgoil aca ann am Bun Easain.

Ach tha cho anmoch is a chuir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid sanas-obrach a-mach airson tidsear Gàidhlig fhaighinn ga fhàgail gu math ao-coltach gum faigh iad neach a tha deònach gluasad dhan sgìre ann am beachd cuid de na pàrantan, le fear dhiubh a' fàgail air a' Chomhairle gu bheil iad ao-comasach.

Chaidh an sanas-obrach fhoillseachadh Diluain na seachdain seo.

Thèid triùir sgoilearan a-steach dhan aonad Ghàidhlig às dèidh an t-Samhraidh, agus na pàrantan aca an dòchas gur ann tron Ghàidhlig a gheibh iad an cuid foghlaim, agus ùidh aig barrachd is barrachd dhaoine san Ros Mhuileach - an sgìre de Mhuile far an robh i na cànan coimhearsnachd mu dheireadh - anns a' chànan.

Fèis

"Chan eil tòrr Gàidhlig ann. Tha beagan ann. Tha cròileagan ann aon là den t-seachdain, agus tha beagan Gàidhlig anns an sgoil an-dràsta," thuirt Jennifer NicIain, bho Chomann nam Pàrant.

"Thàinig Fèis Mhuile air ais dhan Ros Mhuileach trì bliadhna air ais," thuirt Angela NicCaluim, cuideachd bho Chomann nam Pàrant.

"Nuair a thachair sin bha daoine ag iarraidh Gàidhlig air ais anns an àite.

"'S mar sin thòisich sinn a' coimhead airson Gàidhlig anns an sgoil."

Thuige seo chan eil ach aon aonad Gàidhlig air a bhith ann am Muile - san t-Sàilean, air costa an ear an eilein, còrr is uair de thìde air falbh bho Bhun Easain sa chàr.

Chleachd pàrantan Bhun Easain Achd ùr na Gàidhlig, agus sgrìobh iad chun na Comhairle.

Fon Achd feumaidh comhairle sam bith sealltainn ri iarrtas reusanta.

"Air Bhioran"

Tha Cheryl Pedersen agus Anndra MacIain cuideachd air Comann nam Pàrant, agus tha iadsan ag ràdh gun do dh'obraich am pàirt sin den phròiseas glè mhath.

"Fhuair sinn fios toiseach a' Chèitein ag ràdh gun robh sinn air a bhith soirbheachail, agus bhon uair sin tha sinn air a bhith a' feitheamh air gluasad," thuirt Cheryl.

"Gu mì-fhòrtannach 's e glè bheag gluasaid a th' air a bhith ann, agus cha deach an sanas airson na dreuchd ùire fhoillseachadh gu Diluain fhèin," thuirt i.

"'S e iarrtas mòr a bh' ann riamh a bhith a' dol tron phròiseas seo 's tidsear fhaighinn an dreuchd airson toiseach na teirme sgoile san Lùnastal," thuirt Mgr MacIain.

"A-niste, leis an t-sanas air fhoillseachadh le dìreach ceithir làithean air fhàgail den teirm seo, tha e do-dhèante.

"Tha mar a làimhsich a' Chomhairle a' chùis seo, ann a bhith ga cur air adhart, air a bhith ao-comasach aig a' char as fheàrr," thuirt e.

Ann am brath, thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun robh iad air sanas-obrach a chur a-mach, agus gun robh an luchd-obrach aig an sgoil, agus na sgoilearan fhèin, air bhideo ullachadh gus feuchainn ri tidsear a thàladh dhan sgoil.

Thuirt iad cuideachd gun robh a h-uile duine aig an sgoil a-nise air bioran.

Tha timcheall air 40 sgoilear a' frithealadh Sgoil Bhun Easain an-dràsta.

Ged nach biodh ach triùir a' dol a-stach gu foghlam Gàidhlig an ath-bhliadhna, tha na pàrantan an dòchas gun àrdaich an àireamh sin sna bliadhnaichean a tha romhainn.