Ceangal bus ris a' Chaledonian Sleeper

  • 30 An t-Ogmhìos 2017
An Caledonian Sleeper Image copyright John Lucas/Geograph

Thèid feuchainn ri a dhèanamh nas fhasa do dhaoine, siubhal eadar Earra-Ghàidheal agus Lunnainn.

Tha seirbheis ùr bhusaichean gu bhith a' ruith eadar stèiseannan rèile na Crìon-Làraich agus an Òbain ann an dòigh a nì ceangal ri trèanaichean a' Chaledonian Sleeper.

Thathas an dòchas gum fosgail seo tuilleadh chothroman do luchd-siubhail.

'S ann a' ceangal Lunnainn ri Inbhir Nis, Obar Dheathain, an Gearasdan agus bailtean mòra na Galltachd a tha an Caledonian Sleeper, fo stiùir na companaidh Serco.

Thuige seo ge-tà, cha robh an t-seirbheis a' ruighinn Earra-Ghàidheal.

A-nis ge-tà, tha Còmhdhail Alba air airgead a chur mu seach dha, agus tha deuchainn còrr air trì mìosan a' tòiseachadh airson sin a thoirt gu buil.

Ruithidh bus eadar a' Chrìon-Làraich agus an t-Òban, airson filleadh a-steach le clàr-ama nan trèanaichean.

Bheir seo cothrom do luchd-siubhail dèanamh air àite seach àite, seach a bhith a' feitheamh air seirbheis rèile eadar-dhealaichte.

Thuirt fear-labhairt às leth Serco, gun cuidicheadh am bus barrachd ùine a bhith aig luchd-turais ann an Earra-Ghàidheal agus na h-Eileanan.

Thuirt Cailean Craig, bhon chompanaidh bhusaichean West Coast Motors, gun robh iad an dùil gun tarraingeadh seo barrachd dhaoine chun na sgìre.