Binn 10 bliadhna 'son ionnsaighean drabasta

  • 30 An t-Ogmhìos 2017

Thugar binn deich bliadhna sa phrìosan do dh'fhireannach à Uibhist a Deas a chaidh fhaighinn ciontach de dh'ionnsaighean drabasta.

Thug Seumas MacLachlainn, aois 49, sreath ionnsaighean feise air còignear chloinne thairis air dusan bliadhna.

A' bruidhinn ann an Àrd-Chùirt Ghlaschu thuirt am britheamh, am Morair Beckett, gun tug na h-ionnsaighean buaidh mhòr air a' chloinn.

Thachair na h-ionnsaighean eadar 1989 agus 2001 anns na h-Eileanan an Iar.

Fhuairear Seumas MacLachainn ciontach air a' mhìos a chaidh gun do dh'èignich e nighean, 14 bliadhna de dh'aois, agus gun tug e ionnsaigh dhrabasta air nighean eile mun aon aois.

Bha nighean eile eadar seachd agus deich bliadhna de dh'aois nuair a thug e ionnsaigh fheise oirrese.

Thug e ionnsaigh cuideachd air dithis bhalach, fear dhiubh a bha sia bliadhna de dh'aois.

Thuirt am Morair Beckett ri MacLachlainn gun robh aithris-sgrìobhte bho thè air an deach ionnsaigh a thoirt a' mìneachadh gu mìonaideach na droch bhuaidhe a thug na rinn e oirre air a beatha.

"Tha na h-eucoirean seo cho dona, 's nach eil roghainn agam ach binn prìosan a thoirt dhut," thuirt am Morair Beckett.

Bha MacLachlainn a' dol às àicheadh nan casaidean, 's e ag ràdh gun deach an dèanamh an-àirde.

Ach cha do ghabh an diùraidh ris a sin.

A thuilleadh air a' bhinn phrìosain de dheich bliadhna, thèid sùil a chumail air MacLachlainn fad ceithir bliadhna an dèidh dha a bhith air a shaoradh.