Dragh mu sheirbheisean slàinte Ghallaibh

  • 30 An t-Ogmhìos 2017
Ospadal Dhùn Bharra, Inbhir Theòrsa Image copyright Geograph/JThomas

Tha dragh air comhairlichean Ghallaibh mu na tha an dàn dhan t-seirbheis slàinte anns an sgìre.

Tha iad airson coinneachadh ri NHS na Gàidhealtachd gus dragh a thogail mun t-seirbheis mhàthaireil, an t-seirbheis eiridinn agus Ospadal Dhùn Bharra ann an Inbhir Theòrsa.

Tha eagal orra gun dùin Ospadal Dhùn Bharra ann an ùine nach bi fada.

Sgrìobh fear de chomhairlichean Inbhir Ùige agus taobh sear Ghallaibh, Raymond Bremner, ris a' bhòrd shlàinte agus e a' sireadh soilleireachaidh mun chùis.

"Chuala mi an-diugh nach bi iad ag iarraidh euslaintich bho Dhiluain an ath-sheachdain ann an Ospadal Dhùn Bharra ann an Inbhir Thèorsa agus chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil fios aig duine sam bith gu bheil seo gu bhith a' tachairt.

"Càite am bi na h-euslaintich a' dol? Am bi iad a' dol a dh'Inbhir Ùige? Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad-san uabhasach trang san osapdal a tha sin. Càite am bi iad a' dol?" dh'fhaighnich Mgr Bremner.

Cion luchd-obrach

Thuirt Mgr Bremner nach do bhruidhinn am bòrd slàinte ris a' choimhearsnachd mun chùis.

Tha e ag ràdh gu bheil argamaid làidir ann na seirbheisean a chumail ann an Inbhir Theòrsa.

Thuirt fear-labhairt bho NHS na Gàidhealtachd gu bheil duilgheadas mòr aca le cion luchd-obrach agus gun do dh'fhàg sin gur e glè bheag de dh'euslaintaich a fhuair cùram ann an Ospadal Dhùn Bharra.

Tha iad an dòchas na h-obraichean a shanasachd ann an ùine nach bi fada.