Goireas bathair ùr BASF Pharma Earranta

  • 30 An t-Ogmhìos 2017
BASF Pharma Image copyright Geograph/James Allan
Image caption Cheannaich BASF an làrach bho Equateq Earranta ann an 2012.

Tha goireas ùr aig companaidh chungaidhean leigeis stèidhichte air taobh siar Leòdhais fhosgladh gu h-oifigeil Dihaoine.

Thog BASF Pharma Earranta taigh-bathair ùr ri taobh na factaraidh aca ann am Brèascleit.

Tha a' chompanaidh a' cruthachadh chungaidhean omega 3.

Tha mu 80 duine air am fastadh leis a' chompanaidh ann an Leòdhas.

Bidh iad a' cleachdadh ola tha iad a' faighinn bho stòras sheasmhach gus searbhag gheireach làn omega 3 a dhèanamh a tha an uairsin air a chur ann cungaidhean leigheis agus ann an stuthan slàinte eile.

Tha an t-iarrtas airson an seòrsa stuth seo air a dhol am meud sna bliadhnachan mu dheireadh agus chaidh an taigh-bathair a thogail airson a' chompanaidh a chuideachadh an t-iarrtas a sin a choileanadh.

Fhuair BASF Pharma Earranta còrr is £1m de thaic -irgid bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).