Gealltanas mu sheirbheisean a' Bhelford

  • 29 An t-Ogmhìos 2017
Ospadal a' Bhelford
Image caption Tha ospadal ùr ga thogail an àite seann Ospadal a' Bhelford.

Gheall Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, nach tèid seirbheisean a lùghdachadh aig an ospadal a thèid an àite Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan.

Chaidh a ceasnachadh ann an Holyrood mun ghoireas ùr luach £20m agus dragh ann nach tèid a chumail mar ospadal dhùthchail.

Chuirear ìmpidh oirre cuideachd dearbhadh gun tèid luchd-obrach meidigeach le trèanadh sònraichte airson dèiligeadh ri daoine a tha air an leòn air a' bhlàr a-muigh a chumail san ospadal.

Thuirt i gun togadh i am puing sin le NHS na Gàidhealtachd.

"Tha mi gu math mothachail air an àireimh de thachartasan mòra leithid farpaisean baidhseagal-beinne a tha anns an sgìre.

"Fhuair daoine a chaidh a leòn aig tachartasan leithd sin cùram air leth agus tha mi a' smaoineachadh gur e pàirt chudromach den t-seirbheis a tha sin.

"Mar a tha mise a' faicinn chùisean cumar na seirbheisean cùraim airson tubaistean agus suidheachaidhean èiginn," thuirt Ms Robison.