Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Grenfell

Dhearbh am Prìomhaire, Theresa May, san uair a thìde a dh'fhalbh gur e am britheamh Sir Màrtainn Moore-Bick a bhios os cionn an rannsachaidh phoblaich mu na thachair aig Tùr Ghrenfell. Bha esan roimhe na bhritheamh ann an Cùirt an Ath-thagraidh. Thuirt i gu feumadh an fhìrinn mu na thachair a thighinn am bàrr, agus gur e làn rannsachadh mionaideach a bhiodh ann. Thuirt Sir Màrtainn Moore-Bick gun robh e a' tuigsinn an t-iarratas a bh'ann sa choimhearsnachd airson ceartais.

Càirdineal

Chaidh fear dhan fheadhainn as àirde dhreuchd anns an Eaglais Chaitligich, an Càirdineal Seòras Pell, gu làidir as àicheadh chasaidean gun robh e ri droch dhìol an aghaidh chloinne ann an Astralia. Thàinig seo an dèidh mar a chaidh grunn chasaidean eucoir a thogail na aghaidh an co-cheangail ri ionnsaighean feise a' dol air ais chun na seachdadan. Thuirt e gun tilleadh e a dh'Astràilia airson e fhèin a dhìon.

Gearraidhean

Chuala comhairlichean na Gàidhealtachd sa mhadainn an-diugh gum bidh aca ri gearraidhean a dhèanamh air seirbheisean, mura bi airgead eile ri fhaotainn aca, agus toll luach corr air £180m not gu bhith sa bhuidseat aca thairis air an ath chòig bliadhna. Tha dùil gun iarr comhairlichean air Riaghaltas na h-Alba fios a thoirt dhaibh dè an t-airgead a gheibh iad fad còig bliadhna, airson barrachd cinnt a thoirt dhaibh mus tèid aca air roghainn a dhèanamh mu na gearraidhean seach a bhith ag obair bho bhliadhna gu bliadhna.

Bile prìobhaideach

Bidh cothrom aig ball nan Eilean Siar, Aonghas Brianan Macnèill bile prìobhaideach a chur air adhart ann an Taigh nan Cumantan an dèidh crannachar a chaidh a chumail sa mhadainn an-diugh. Bidh gach ball aig Westminster air a chur a-steach dhan fharpais le fichead ball nach eil nam ministearan a' faighinn cothrom bile a chur air adhart. Chaidh Mgr Macnèill a thaghadh san t-seachdamh àite a-mach à fichead agus bidh cothrom aige a-nis an ceann trì seachdainnean eile innse dè an cuspair a bhios anns a' bhile a bheir e air adhart.

Duine a dhìth

Dh'iarr na poilis ann an Steornabhagh fiosrachadh mu dhuine a tha a dhith sa bhaile. Chaidh Raibeart Burns Mason, 35, fhaicinn ma dheireadh ann an Steòrnabhagh oidhche Luain mu naoi uairean, ach chan eil sgeul air bhon uairsin. Tha e sia troigh agus òirleach, agus tha e tana le falt bàn. Dh'iarr na poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn a dhol thuca.