Gotland 2017: Là 4

  • 29 An t-Ogmhìos 2017
Caileagan nam bonn
Image caption Caileagan nam bonn

Tha naoi buinn a-nis aig sgioba nan Eilean Siar an deidh dhaibh bonn eile a ghlèidheadh san amar-snàimh Diciadain.

'S iad boireannaich a-mhain a th' air na buinn a bhuannachadh do sgioba nan Eilean Siar chun seo.

Ghlèidh Kathryn Offer Bonn Òir san fharpais 50m freestyle leis an uair 26.03. An uair as luaithe riamh san rèis sin aig Geamaichean nan Eilean.

Image caption Kathryn Offer

Fhuair na cluicheadairean goilf an raon aig Visby doirbh - ach bha deagh là aig Dàibhidh MacIlleDhuinn, 's a 18 àite le dà chuairt ri dhol.

Image caption Dàibhidh MacIlleDhuinn

Agus air rèis rathad baidhseagal nam ban, chrìochnaich sgioba nan Eilean Siar, Kirsty Nic a Phì agus Christina NicCoinnich, san òchdamh àite direach 6 diogan air cùlaibh Eilein Mhanainn a ghlèidh an rèis. Cha robh na fir cho soirbheachail - cha deach aig ach aon dhiubh air crìochnachadh.

Image caption Sgioba rothaireachd