Dragh mu ghainnead ghoireasan òtrachais

  • 29 An t-Ogmhìos 2017
Bhana-campachaidh sna Hearadh

Tha iomagain air èirigh sna Hearadh mu ghainnead ghoireasan do luchd-turais ann an carabhanaichean agus bhanaichean-campachaidh.

Chaidh an aon ghoireas poblach a bh' air cidhe an t-Òib a thoirt air falbh air sgàth thrioblaidean leis, agus tha muinntir na sgìre a-nis a' cur ìmpidh air a' Chomhairle goireas eile a stèidheachadh sa bhad.

Tha na comhairlean coimhearsnachd sna Hearadh air fad air a dhol an sàs sa chùis agus iad a' feuchainn ri freagairt a lorg.

"Tha trioblaid ann. Chan eil sinn mar eilean an aghaidh na bhanaichean-campachaidh a bhith a' tighinn - ach chan eil na goireasan ann airson nam bhanaichean-campachaidh," thuirt Iain MacLeòid, bho Chomhairle Choimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh.

"Seo far a bheil an duilgheadas, agus tha leithid a' tighinn ann a-nis agus chan eil na goireasan againn fhathast.

"Chan eil àite aig muinntir nam bhanaichean-campachaidh far an cuir iad sgudal nan taighean-beaga aca.

"Ma tha na taighean-beaga aca làn, feumaidh iad a chur a bhadeigin.

"Tha iad ga chur ann an àite nach bu chòir dhaibh a bhith ga chur.

"Sin far nach eil na daoine anns an àite toilichte mu dheidhinn.

"Tha sinn mar chomhairle choimhearsnachd air a bhith a' bruidhinn ri CalMac gu h-àraid a tha a' toirt nam bhanaichean-campachaidh an seo sa chiad àite.

"'S iadsan as motha a tha a' faighinn na buannachd àsta.

"Tha sinn a' bruidhinn riuthasan agus ris a' Chomhairle, agus tha sinn a' tuigsinn gu bheil dòchas dà àite a bhith ann aig deireadh na bliadhna anns na Hearadh, ceann a tuath na Hearadh gu h-àraid, far an cuir iad sgudal nan taighean-beaga," thuirt e.

Thuirt neach-labhairt bhon Chomhairle gun tug iad an goireas a bha aig cidhe an t-Òib air falbh seach gun do dh'iarr na gnìomhachasan san sgìre orra sin a dhèanamh.

Thuirt iad gu bheil iad a' feuchainn ri làrach eile fhaighinn a tha freagarrach dhan ghoireas, ged nach deach aca air làrach a lorg thuige seo, ach gum bu toil leotha cluinntinn bho dhuine sam bith a bhiodh airson an cuideachadh.