Coinneamh ga h-iarraidh mu Ospadal Phort Rìgh

  • 29 An t-Ogmhìos 2017
Ospadal Phort Rìgh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Tha comhairlichean an Eilein Sgitheanaich ag iarraidh coinneimh le Rùnaire na Slàinte mu Ospadal Phort Rìgh.

Tha iad ag iarraidh gum biodh roinn tubaiste agus èiginn a bhith ri fhaotainn san ospadal.

Ann an 2015, dh'innis Rùnaire na Slàinte gum bu choir ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanch agus iar-dheas Rois a thogail san Ath Leathann.

Ach tha fìor dhragh air daoine ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich mun bhuaidh a bheir sin orra.

Call an Ospadail

Chaidh buiadheann a chur air chois air a bheil NHS SOS.

Tha iad ag iarraidh gun tèid seirbheisean slàinte a ghlèidheadh ann an ospadal Phort Rìgh.

Aig coinneimh den Làn-Chomhairle Diardaoin cuiridh comhairlichean an eilein gluasad air adhart.

Tha iad ag iarraidh gum bi roinn tusbaise agus èiginn ann an ospadal Phort Rìgh.

Iarraidh iad cuideachd coinneamh le Rùnaire na Slàinte.

Tha iad ag ràdh gu bheil ceistean aca fhathast mu dhòighean obrach bòrd slàinte na Gàidhealtachd agus mu dheidhinn cruth agus coltas na seirbheis slàinte ùire.

Ach tha dragh air daoine an ceann a deas an eilein mun bhuaidh a bheireadh iarrtasan Phort Rìgh orrasan.

"Bheireadh e buaidh mhòr oirnne aig a' cheann seo den eilean, bhon tha sinne slighe mhòr an seo gu ruige Port Rìgh," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Far a bheil mise a' fuireach tha sinn timcheall air 50 mìle à Port Rìgh, agus tha slighe mhòr an sin ma tha duine ann an èiginn le tinneas.

"Mar a tha sinn a' tuigsinn, chan urrainn a bhith againn ach aon ospadal, agus tha am Bòrd Slàinte, agus Ministear na Slàinte, agus Riaghaltas na h-Alba, air co-dhùnadh gur ann san Ath Leathann is còir dhan ospadal sin a bhith, airson a dhol an àite an ospadail a th' ann mar thà.

"Tha sinne a' cur làn-thaic ris a' cho-dhùnadh a tha sin, sinn fhìn agus na comhairlean coimhearsnachd eile an ceann a deas an eilein an seo, agus thall air Tìr-Mòr, ann an Loch Aillse," thuirt e.

Chan eil Moireach idir a' cur taic ri iomairt nan comhairlichean ùra aig ceann a tuath an eilein.

"'S e iomairt gu math cunnartach a tha sin a rèir mar a chì mise," thuirt e.

"Chan eil tairgse againn an-dràsta ach air aon ospadal anns an Ath Leathann.

"Ma thèid leoth agus gun tèid aca air an rud a tha iad ag iarraidh ann am Port Rìgh a chur air chois, 's e an eagal a th' oirnn gun tèid a h-uile càil a th' ann a chur às dha, agus nach bi againn ach seirbheis tubaiste is èiginn anns an dà àite, agus gun tèid cur às dhan ospadal buileach glan," thuirt e.