Maoineachadh còig bliadhna ga iarraidh

  • 29 An t-Ogmhìos 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol a chur cuideam air Riaghaltas na h-Alba innse dhaibh dè na gheibh iad de dh'airgead thairis air còig bliadhna, seach fios fhaighinn mu gach bliadhna mu seach.

Thèid innse do chomhairlichean Diardaoin gum bi toll de dh'eadar £120m agus £180m sa bhuidseat aca thairis air na còig bliadhna a tha romhainn.

"Tha gearraidhean gu bhith againne anns na bliadhnaichean a tha romhainn," thuirt an Comh. Alasdair MacFhionghain.

"Ach tha mise den bheachd, agus tha mi ag aontachadh le Mgr Yule (stiùiriche an ionmhais), gum feum sinn plana a bhith againn airson co-dhiù trì no còig bliadhna.

"Nam bheachdsa chan eil e gu math sam bith ma tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt dhuinn ghrantaichean airson aon bhliadhna.

"Tha sinne ag iarraidh grantaichean a bhith againn airson trì, no còig bliadhna, agus tha mise a' smaoineachadh gum bi am plana a tha seo tòrr nas fhearasta, agus nas fheàrr dhan Ghàidhealtachd.

"Bidh sinn a' planadh airson nan trì bliadhnaichean, 's nan còig bliadhnaichean a tha romainn.

"Feumaidh a' Chomhairle a bhith tòrr nas coimearsalta na tha i an-dràsta.

"Feumaidh sinn a bhith a' coimhead air gach nì a tha a' Chomhairle a' dèanamh," thuirt e.