Còmhdach Colaiste Inbhir Nis ga sgrùdadh

  • 29 An t-Ogmhìos 2017
Colaiste Inbhir Nis UHI Image copyright Valenta/Geograph

Tha oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI) a' rannsachadh an còmhdach air togalach ùr Colaiste Inbhir Nis, às dèidh an teine aig Tùr Ghrenfell ann an Lunnainn.

'S e a' chompanaidh a rinn an obair aig a' cholaiste a chuir còmhdach air seòmraichean-còmhnaidh oileanach an Dùn Èideann, a tha a-nis ga thoirt dheth ri linn sàbhailteachd.

Bhàsaich co-dhiù 80 duine anns an teine aig Tùr Ghrenfell, agus tha rannsachadh air a bhith ga dhèanamh air na ceudan thogalaichean air feadh na dùthcha feuch a bheil an aon sheòrsa còmhdaich so-laiste orra 's a thathas a' coireachadh airson mar a sgap an teine cho luath.

Tha UHI ag ràdh nach eil an aon sheòrsa còmhdaich a bh' air Tùr Ghrenfell air gin de na togalaichean acasan.

Ach tha iad ag ràdh gu bheil iad air aithisg iarraidh mu na stuthan a chaidh a chleachdadh airson togalach ùr Colaiste Inbhir Nis a thogail.

Chaidh an obair air a' chòmhdach chopair seo a dhèanamh leis a' chompanaidh Lakesmere - a chuir an còmhdach air seòmraichean-còmhnaidh ùra oileanach Oilthigh Napier an Dùn Èideann a tha a-nis ga thoirt dheth.

Ach tha Colaiste Inbhir Nis UHI ag ràdh, gu bheil e soilleir gu bheil na togalaichean aca gu math eadar-dhealaichte ann an structar ri Tùr Ghrenfell, agus gu bheil raon de mhodhan sàbhailteachd aca a thaobh a bhith dèiligeadh ri teintean.