Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

CAP

Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, 's e a bruidhinn sa phàrlamaid san uair a thìde a dh'fhalbh, gun teid 90% de thaic-airgid a tha a dhìth a thoirt seachad do chroitearan agus tuathanaich ro Dhihaoine an dèidh dàil, agus gun tèid an còrr a thoirt seachadh ro dheireadh a Lùnastail. Bha ceistean gan cur air agus e a' nochdadh mu choinneamh comataidh aig Holyrood mu laigsean ann an siostam IT an riaghaltais. Thuirt e gun d'fhuair 99.9% de dhaoine a dh'iarr a' chiad earrann de phàigheadh CAP ann an 2015 an cuid airgid, agus 85% dhan fheadhainn a bha a' sireadh airgead LFASS bho 2015. Chaidh ceistean a chur air cuideachd mu na càintean a dh'fhaodadh a dhol air Riaghaltas na h-Alba bhon Roinn Eòrpa ri linn an dàil, agus cuideachd mun fhiosrachadh a bh'aig Prìomh Mhinistear na dùthcha Nicola Sturgeon mu leudachadh a dh'iarr an riaghaltas bhon a' Choimisean Eòrpach.

Port-adhair Dhùn Eideann

Chaidh cumhachd an dealain a thilleadh gu ìre do phort-adhair Dhùn Èideann an dèidh mar a bha iad às aonais an dealain airson greis sa mhadainn an-diugh. Chaidh buaidh a thoirt air seirbheisean agus luchd-siubhail, nuair a chaidh an dealain dheth beagan an deidh naoi uairean. Thuirt am port-adhair gum bi dàil ann an cuid de sheirbheisean tron an latha agus tha aithrisean gu bheil loidhnichean mòra de dhaoine a' feitheamh airson clàradh airson na seirbheisean aca.

Hillsborough

Gheibh teaghlaichean an fheadhainn a bhàsaich aig tubaist Hillsborough a-mach nas fhaide dhan an latha an tèid casaidean eucoir a thogail an aghaidh duine sam bith mu na thachair. Chaidh fiosrachadh mu 23 neach a thoirt gu Seirbheis Casaid a' Chrùin ann an Sasainn nas tràithe air a' bhliadhna, agus tha dùil gum bi iad a' bruidhinn ri teaghlaichean an fheadhainn a bhàsaich san uair a thìde a tha romhainn mu na casaidean eucoir a dh'fhaodadh a bhith air an togail ro dhaoine.

Tùraichean Obar Dheathain

Thuirt Comhairle Bhaile Obar Dheathain gu bheil iad a' beachdachadh air siostaman uisge a chur an gnìomh ann an cuid de thoglaichean àrda a' bhaile. Tha iad air an ceum a ghabhail agus iad a' meòrachadh air sàbhailteachd an dèidh an teine aig Tùr Ghrenfell air an t-seachdain-sa chaidh. Thuirt a' chomhairle gu bheil iad a' beachdachadh air siostaman-uisge a chur ann an rumanan far a bheil binichean air an stòradh ann am flataichean àrda - seach gu bheil tèintean bho àm gu àm a' tòiseachadh anns na h-àiteachan sin. Thuirt iad, ge-ta, nach deach co-dhùnadh deireannach sam bith a ruighinn air a' cheist.

Spòrs

A' tionndadh ma tha gu spòrs, agus tha grunn aig Geamaichean nan Eilean ag amas air buinn a chosnadh an-diugh, an dèidh latha soirbheachail eile an-dè dha sgioba nan Eilean Siar. Bidh Katherine Offer a' feuchainn san amar-snàimh airson buinn eile a ghabhail dhan sgioba ann an sin , le cuid dhe na luth-chleasaichean cuideachd a' dol an-diugh. Bidh Ciorstaidh Nic a' Phee air ais air a' bhaighsagal agus ise a' strì ann am farpais rothaireachd-rathaid, cuide ri Christina NicChoinnich. Agus bidh sgioba ball-coise nam ban a' dol an aghaidh Ynys Mon - aig ceithir uairean feasgar an-diugh fhathast.