Àireamh nan clamhan circe a' crìonadh

  • 28 An t-Ogmhìos 2017
Clamhan nan cearc Image copyright Mark Hamblin (rspb-images.com)

Thuit an àireamh de chlamhain chirce ann an Alba 9% bho 2010 a rèir an sgrùdaidh nàiseanta as ùire.

Thathas a' tuigse gu bheil nas lugha na 500 càraid ann.

Tha an suidheachadh nas miosa buileach deas air a' chrìch far a bheil na h-eòin an impis a dhol à bith.

Fhuair an sgrùdadh gun robh 460 càraid a' neadachadh ann an Alba ann an 2016, an taca ri 500 nuair a chaidh rannsachadh a dhèanamh ann an 2011.

Chaidh an sgrùdadh a dhèanamh le Comann Rìoghail Dìon nan Eun, Dualchas Nàdair na h-Alba, Buidheann Sgrùdaidh Eòin Chreachaidh na h-Alba agus buidhnean eile.

Fhuair iad gun robh 80% de na clamhain chirce ann am Breatainn ri fhaighinn ann an Alba.

Tha a' mhòr-chuid de na h-eòin ri fhaighinn air taobh siar na Gàidhealtachd agus 's ann anns na h-eileanan air an taobh siar agus ann an Arcaibh a-mhàin a thàinig àrdachadh beag san àireimh.

Tha pròiseict a' dol air adhart air Mòinteach Langholm ann an Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh an-dràsta a tha ag amas air àireamh nan clamhan circe a chumail aig ìre.

Eucoir

Leis gu bheil nas lugha na 1,000 eun a' neadachadh dh'fhaodadh iad a bhith ann an suidheachadh cugallach ma bhios crìonadh sam bith san àrainneachd, neo, ann an cuid de shuidheachaidhean, ma tha eucoir fiadh-bheatha a' dol air adhart.

A rèir cheannard rannsachaidhean an RSPB ann an Alba, Iain MacThòmais, tha luchd-obrach oighreachdan seilge ann am meadhan na Gàidhealtachd agus ann an Siorrachd Obar Dheathain a' marbhadh chlamhan circe leis gu bheil eagal orra gu bheil na h-eòin a' dol às dèidh nan cearcan fraoich.

"Tha na h-eòin gam marbhadh agus a dh'aindeoin gu bheil iad air an dìon fon lagh chan eil sin gu mòran feum ann an cuid de sgìrean," thuirt Mgr MacThòmais.

Thuirt Stiùiriche Buidheann Mòintich na h-Alba, Tim Baynes, gun robh e na bhriseadh dùil gun robh comharran ann gun robh àireamh nan clamhan circe a' crìonadh ach gum faodadh àireamh nan eun èirigh agus tuiteam bho bhliadhna gu bliadhna air grunn adhbharan nach eil ceangailte ri eucoir fiadh-bheatha.