Gealltanas mu shubsadaidhean àiteachais

  • 28 An t-Ogmhìos 2017
Taigh-bleoghainn Image copyright Getty Images

Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, gun tèid 90% de thaic-airgid a tha a dhìth a thoirt seachad do chroitearan agus tuathanaich ro Dhihaoine, an dèidh dàil, agus an còrr ro dheireadh an Lùnastail.

Bha ceistean gan cur air agus e a' nochdadh mu choinneimh Comataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail aig Holyrood mu laigsean ann an siostam IT an Riaghaltais.

Thuirt e gun d' fhuair 99.9% de dhaoine a dh'iarr a' chiad earrainn de phàigheadh CAP ann an 2015 an cuid airgid, agus 85% den fheadhainn a bha a' sireadh airgid LFASS bho 2015.

Chaidh ceistean a chur air cuideachd mu na càintean a dh'fhaodadh a dhol air Riaghaltas na h-Alba bhon Aonadh Eòrpach ri linn an dàil, agus mun fhiosrachadh a bh' aig Prìomh Mhinistear na dùthcha, Nicola Sturgeon, mu leudachadh a dh'iarr an Riaghaltas bhon Choimisean Eòrpach.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba gun deadh an ceann-là airson pàigheadh subsadaidh nan tuathanasan a chur air adhart gu meadhan an Damhair.

An t-seachdain a chaidh, thuirt mu 5,000, a-mach a mu 18,000 tuathanach, gun robh iad fhathast gun pàigheadh fhaighinn.

Chaidh an ceann-là a leudachadh an-uiridh ri linn duilgheadasan le siostam coimpiutaireachd an Riaghaltais.