Teine ann an Rathais

  • 28 An t-Ogmhìos 2017
Inneal-Smàlaidh Image copyright nsj-images

Tha luchd-smàlaidh a' dèiligeadh ri teine ann an Rathais ann an Srath Spè, agus aithrisean ann gun do spreadhadh canastairean gas.

Chaidh dà inneal-smàlaidh a chur chun na làraich, air Rathad Eilginn sa bhaile, goirid ro 8:45m Diciadain.

Tha aon duine a' faighinn cùraim, ach thathas a' tuigsinn nach deach an leòn.