Ceistean mu shubsadaidhean àiteachais

  • 28 An t-Ogmhìos 2017
Taigh-bleoghainn Image copyright Getty Images

Thèid tuilleadh cheistean a chur air Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, Diciadain mu "mhearachdan" ann an siostam subsadaidhean nan tuathanasan.

Tha seo a' tighinn às dèidh don Phrìomh Mhistear leisgeul a thabhainn air tuathanaich a dh'fhulaing dàil ann am pàigheadh air sàilleabh thrioblaidean le siostam coimpiutaireachd ùr.

Minichidh Mgr Ewing do bhuill Comataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail mar a tha a' dol le oidhirpean gus pàighidhean Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais a cho-roinn.

Tha seo às dèidh dha tighinn am follais gu bheil Riaghaltas na h-Alba airson 's gun tèid an ceann-là airson pàigheadh subsadaidh nan tuathanasan a chur air adhart gu meadhan an Damhair.

An t-seachdain a chaidh, thuirt mu 5,000, a-mach a mu 18,000 tuathanach, gun robh iad fhathast gun pàigheadh fhaighinn.

Chaidh an ceann-là a leudachadh an-uiridh ri linn duilgheadasan le siostam coimpiutaireachd an Riaghltais.

Ri linn an leudachaidh cha b' fheudar Riaghaltas na h-Alba cìsean luach 's dòcha nam milleanan notaichean a phàigheadh dhan Aonadh Eòrpach.