CalMac gu bhith ruith aiseig Chearara
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

CalMac gu bhith ruith aiseig Chearara

28 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Caledonian Mac a' Bhruthainn a' dol a ghabhail thairis seirbheis aiseig Chearara.

Tha an t-aiseag prìobhaideach an-dràsta, ach bho Dhisathairne, thèid a ghabhail thairis le Cal Mac, a-rèir na cumhnant aiseig ùir.

Gluaisidh luchd-obrach an aiseig a th' ann gu bhith ag obair dhan chompanaidh, 's thèid bàta ùr a chur air an t-slighe an ceann greis.