Arcaibh son Geamannan nan Eilean 2023

  • 27 An t-Ogmhìos 2017
Image caption Bratach Arcaibh

'S ann an Arcaibh a bhios Geamannan nan Eilean ann an 2023, cho fad 's a thèid cùisean mar a tha bu mhiann le comataidh stiùiridh nan geamannan.

Cha tig fios ceart gu 2018 - ach thuirt cathraiche nan geamannan, Jorgen Pettersson, an-diugh gur ann an Arcaibh a bu mhath leotha an fharpais a bhith.

"Tha taic aig tagradh Arcaibh bhon chomhairle ionadail agus fiù 's Riaghaltas na h-Alba", thuirt Mgr Pettersson.

"Thèid an co-dhùnadh deireannach a dhèanamh ann an 2018, agus bheir sin dhaibh còig bliadhna mus bi na geamannan ann an Alba", thuirt e.

Bidh na geamannan ann an 2019 ann an Gibraltar agus Guernsey dà bhliadhna às dèidh sin.

A rèir chathraiche nan geamannan, tha buannachd mhòr a' tighinn an cois a bhith gan cumail.

"Tha e cha mhòr do-dhèanta a ràdh dè gheibh eilean seach eilean a-mach à bhith a' cumail nan geamannan leis gu bheil iad cho eadar-dhealaichte, ach a' coimhead air na dhà neo trì eileanan mu dheireadh a tha air na geamannan a chumail - tha iad air prothaid a dhèanamh.

"Mar sin gabhaidh fhaicinn gur e rud math a th' ann do dh'eilean sam bith", thuirt e.