Co-luadar mu sgoil ùr anns a' Mharc-Innis

  • 27 An t-Ogmhìos 2017

Dh'fhaodadh gun tèid sgoil ùr a thogail ann an Inbhir Nis an ath-bhliadhna.

Thoisichear a' sireadh bheachdan mu sgoil ùr anns a' Mharc-Innis.

Bhiodh sgoil-àraich agus ionad teaghlaich air an aon champas rithe.

Chaidh an togalach a thathas a' cleachdadh an-dràsta an-àirde ann an linn Bhictoria agus tha 40 sgoilear a bharrachd innte na tha còir.

Tha ochd sgoiltean sa bhaile air bacadh a chur air an àireamh de chloinn a gheibh àite annta agus tha dùil gum bi na còig àrd-sgoiltean ro làn ro 2030.

Cuiridh Anndra Jarvie, a tha na chomhairliche ann an ceann a deas Inbhir Nis, gluasad air adhart aig Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin a tha a' moladh àrd-sgoil ùr a thogail ann an ceann a deas a' bhaile gu sgiobalta.