Leudachadh air giollachd feamad

  • 27 An t-Ogmhìos 2017
Malacleit, Uibhist a Tuath Image copyright Hugh Venables/Geograph

Tha dùil gun tig leudachadh air gnìomhachas giollachd feamad ann an Uibhist a Tuath an dèidh mar a chaidh a cheannach le companaidh à Canada.

Chaidh Uist Asco a cheanach le Arcadian Seaplants aig toiseach na mìos.

Cumar coinneamh phoblach oidhche Mhàirt airson tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dha na gearradairean.

'S e an dòigh anns a bheilear a' cruinneachadh na feamad aon de na h-atharrachaidhean a dh'fhaodadh a bhith ann san àm ri teachd.

A thuilleadh air Canada tha Arcadian Seaplants cuideachd ag obair sna Stàitean Aonaichte agus ann an Èirinn.

Bidh iad a' reic an stuth aca ann an 80 dùthaich.

Tha 350 duine ag obair dhaibh a thuilleadh air na gearradairean fhèin.

Thuirt iad gun robh iad airson gum fàs an gnìomhachas ann an Uibhist ann an dòigh sheasmhaich.

Fiathachadh

'S e Raghnall MacIain, à Uibhist a Tuath, a stèidhich Uist Asco.

Tha e a-nis na mhanaidsear aig Arcadian Seaplants.

Thuirt e gun robh a' chompanaidh a' sireadh barrachd ghearradairean airson an fheamainn a ghearradh agus gun robh iad a' toirt fiathachadh do dhaoine aig an robh ùidh san obair a dhol chun na coinneimh.

"Tha diofar dhòighean ann gus an fheamainn a ghearradh agus bidh sinn a' coimhead ri rudan mar sin, a bharrachd air cus a bharrachd de dh'fheamainn a chur a-mach," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo