Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nicola Sturgeon

Innsidh Nicola Sturgeon an-diugh fhathast na tha san amharc aice do dh'Alba thar nam bliadhnaichean a th' air thoiseach an dèidh buil an Taghaidh Choitchinn aig toiseach na mìos. Bha Prìomh Mhinistear na h-Alba air referendum eile air neo-eisimeileachd iarraidh airson àm an Fhoghair an ath-bhliadhna, no as t-Earrach 2019. Ach tha e coltach gu bheil i air a bhith a' beachdachadh air na roghainnean eadar-dhealaichte a th' aice bho chaill an SNP 21 seat anns an Taghadh. Bruidhnidh i air a' chuspair aig Holyrood feasgar.

Bàs Leanaban

Tha aithisg air bàs sianar phàistean aig Ospadal Chrosshouse ann an Cille Mheàrnaig air dragh a thogail mu ghainnead luchd-obrach 's a' bhuaidh a bh' aige sin air cùram nan euslainteach. B' e Riaghaltas na h-Alba, a dh'iarr an sgùdadh an dèidh rannsachadh a rinn am BBC an-uiridh, a fhuair gun do chaochail grunn leanaban aig an ospadal nuair nach leigeadh iad a leas. Ann an aithris sgrìobhte thabhainn NHS Shiorrachd Àir is Arainn leisgeul air na teaghlaichean a chaill leanabh, agus thug iad taing dhaibh airson pàirt a ghabhail san sgrùdadh. Chuir iad fàilte air mar a thog an sgioba sgrùdaidh air gun deach adhartas a dhèanamh anns an t-seòrsa cùraim a tha daoine a' caoidh a' faighinn, agus mar a thàinig piseach air cùram do bhoireannaich a th' ann an suidheachaidhean cugallach.

Siria

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gum faodadh iad taic a thoirt do dh'iomairt airm sam bith bho na Stàitean Aonaichte an aghaidh Riaghaltas Shiria ma 's e 's gun robh iadsan am beachd ionnsaigh cheimigeach eile a chur air dòigh. Thuirt Rùnaire an Dìon, Sir Michael Fallon, gum bruidhinn e fhèin agus Rùnaire Dìon Aimeireagaidh mun ghnothach Diardaoin. Thuirt an Taigh Geal an-raoir gun robh iad air comharran fhaighinn gum faodadh gun robh ionnsaigh eile anns an amharc aig feachdan Bashar Al Assad ann an Siria.

Bann-leathann

Tha astar banna-leathainn ann an sgìre na Gàidhealtachd am measg an fheadhainn as ìsle air feadh na Rìoghachd Aonaichte air fad. Tha seo a rèir rannsachaidh ùir bhon bhuidhinn Which? Tha Arcaibh, Sealtainn, agus sgìre na Gàidhealtachd aig mullach a' chlàir de na sgìrean as miosa a thaobh cho luath 's a tha an t-seirbheis. Tha na h-Eileanan an Iar cudieachd taobh a-staigh nan deich sgìrean as miosa. Thuirt Rùnaire a' Chaibineit airson seirbheisean banna-leathainn, Fearghas Ewing, gu bheil an Riaghaltas air chùrsa gus bann-leathann fìor luath a thoirt do 95% de thogalaichean air feadh Alba air fad ro dheireadh na bliadhna seo.

Poilis na Rèidhle

Agus tha dùil gun tèid bile connspaideach a bheir cead do Phoilis Alba smachd a ghabhail air obair poilis air an Rèidhle tron Phàrlamaid aig Holyrood an-diugh. 'S e Bile Obair Poilis Rèidhle na h-Alba a' chiad cheum dhan fheachd nàiseanta a bhith a' gabhail thairis an uallaich a th' air Poilis Chòmhdhail Bhreatainn anns an dùthaich an-dràsta.