Gotland 2017: Là 2

  • 27 An t-Ogmhìos 2017

Feasgar sònraichte san amar-snàimh agus Kara Hanlon a' glèidheil Buinn Òir san fharpais 50m breaststroke leis an uair 31.62. Anns a' chuairt dheireannaich den 50m Freestyle fhuair sgioba nan Eilean Siar an 4mh àite le uair 1:48.58.

Image copyright Maggie Love

Là soirbheachail dha na boireannaich anns a' bhall-choise is iad air a' chùis a dhèanamh air sgioba Eilean Mhanainn 2-0 leis na tadhail a' tighinn bho Beth NicLèoid sa chiad mhionaid den gheama agus an dàrna tadhal bho Mhàiri NicLeòid san 60mh mionaid ann am buidheann B. Tha iad a' cluich Ynys Mon Diciadain.

Image caption Anne Louise Stiùbhart, Isbeal NicIlleBhàin agus Elanor Nic a' Ghobhainn aig Sgioba Ball-Coise nam Ban.

Cha deach cho math do sgioba nam fear. Chaill iad 8-0 an aghaidh sgioba Ghotland aig pàirce Dalhem. Tha na fir a' cluiche feasgar Dimàirt an aghaidh sgioba Froya ann am buidheann B.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
4mh àite do sgioba rothaireachd nam ban an rèis TT

Ann an rèis nam baidhsagal fhuair Kirsty Nic a' Phì agus Cairstiona NicCoinnich an 4mh àite airson sgiobaidhean san Team Trial.