Ceann a tuath "as slaodaiche"

  • 27 An t-Ogmhìos 2017
Càballan

'S ann an Arcaibh a tha am bann-leathann as slaodaiche am Breatainn a rèir rannsachaidh a rinn a' bhuidheann Which?.

'S e Sealtainn an dàrna àite as miosa agus tha a' Ghàidhealtachd anns an treas àite. Tha na h-Eileanan Siar cuideachd am measg nan deich sgìrean as miosa.

Mhol Riaghaltas Bhreatainn gum bu chòir astar a' bhanna-leathainn a bhith aig co-dhiù 10MB san diog.

Lorg Which? grunnan àiteachan am Breatainn far nach eil e cho luath ri sin.

Thuirt luchd-rannsachaidh gun toir daoine anns an sgìrean as slaodaiche a dhà uimhir de thìde 's a bheir daoine far a bheil an t-astar cumanta airson Breatainn airson fiolm a thoirt far an eadar-lìn.

Tha naidheachd nas fheàrr ann do mhuinntir Dhùn Dè. 'S ann aca-san a tha am bann-leathann as luaithe an Alba.

Tha Dùn Dè anns a' chòigeamh àite airson Breatainn gu lèir.