Taic do phreantasachdan nan Eilean Siar

  • 27 An t-Ogmhìos 2017
Airgead Image copyright PA

Fhuair Comhairle nan Eilean Siar earrann de £1m a chaidh a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail eileanach airson àiteachan obrach fhaighinn do phreantasan.

Le taic bhon Chomhairle fhèin, cosgaidh iad faisg air £500,000 thairis air an ath thrì bliadhna.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gun d' fhuair iad 17 àiteachan do phreantasan an-uiridh, agus gu bheil sin air èirigh gu 47 àite am-bliadhna.

Tha ceannard E-sgoil nan Eilean, Aonghas MacIllinnein na phàirt den sgioba a tha a' cur nan cothroman air dòigh.

"Tha e a' ciallachadh gu bheil cothroman mòra gu bhith ann an seo, an lùib iomadh seòrsa obrach do chloinn air feadh nan Eileanan an Iar," thuirt e.

"Nis cha bu chòir dhomh "clann" a ràdh. 'S e daoine a tha a' fàgail na sgoile, ach cuideachd daoine a th' air 's dòcha a' tighinn gu aois.

"Aonan de na preantasan a bh' againn am bliadhna, tha i faisg air 50 bliadhna de dh'aois, agus 's i tè cho soirbheachail 's a th' air a bhith againn.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil cothroman ann do dhaoine den a h-uile aois.

"Chan eil sinn a' dèanamh seo dìreach aon bhliadhna 's a' dìochuimhneachadh mu dheidhinn às dèidh sin idir.

"Thathar a' coimhead air adhart trì, ceithir bliadhna san àm ri teachd, cò a tha gu bhith a' leigeil dheth a dhreuchd air taobh a-staigh na Comhairle.

"Tha sin an uair sin a' toirt dhuinn cothrom a h-uile càil a tha seo amaladh ri chèile, a choimhead dè na h-obraichean a tha gu bhith a dhìth oirnn ann an trì bliadhna, ceithir bliadhna.

"Ma tha thu a' tòiseachadh a' trèanadh dhaoine an uair sin am-bliadhna, tha e mar gum biodh a' faighinn eòlais is aithne air an obair bho na daoine sin a tha a' tighinn gu deireadh am beatha obrach, 's tha iad deiseil a dhol a-steach dhan obair sin an là a leigeas an duine a tha san dreuchd an-dràsta dheth an t-uallach.

"Gu math tric cluinnidh tu gu bheil sinn car deireannach ann an cuid de rudan, ach 's ann a tha sinn, chanainnsa, fada air adhart a thaobh àireamh na cloinne a tha a' dol à sgoiltean gu foghlam no gu obair.

"Tha sinn am measg nan roinnean as soirbheachaile ann an Alba nuair a thig e dhan sin, agus leis an trèanadh a tha seo tha sinn air ceum toisich a ghabhail air na h-ùghdarrasan eile a thaobh nam preantasan cuideachd," thuirt e.