Fearghasdan gu Eilginn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fearghasdan gu Eilginn

27 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an cluicheadair ball-coise bhon Ghàidhealtachd, Calum Fearghasdan, air gluasad gu Elgin City.

Thòisich Calum le Caley Thistle, is chluich e cuideachd do Chanada aig ìre òigridh.

Chuir e seachad 2016/17 còmhla ri Albion Rovers, is 's e a chuir an tadhal a rinn a' chùis air Queen of the South ann an Cupa na h-Alba a chuir Rovers troimhe gu geama an aghaidh Celtic.

Mhìnich Calum do Dhòmhnall Pollock carson a tha e a-nise a' tilleadh gu tuath.