Gàidhlig agus taisbeanadh nan Seumasach

  • 26 An t-Ogmhìos 2017
Misneachd a' togail fianais

Chaidh fianais a thogail aig Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba Disathairne mu àite na Gàidhlig ann an tàisbeanadh ùr mu na Seumasaich.

Chruinnich còrr air 60 neach-iomairt airson na caismeachd, a chaidh a chur air adhart leis a' bhuidhinn "Misneachd".

Choisich a' bhuidheann bho Eaglais nam Manach Liath chun an taigh-tasgaidh ann an Dùn Èideann.

Thuirt an taigh-tasgaidh nach eil an taisbeanadh Bonnie Prince Charlie and the Jacobites dà-chànanach seach gur e sgeulachd Eòrpach a tha iad ag innse, an àite sgeulachd ceangailte ris a' Ghàidhlig.

Cha do ghabh an luchd-iomairt ris a sin, ge-tà, 's iad ag ràdh gur e cànan Eòrpach a th' anns a' Ghàidhlig.

Dh'fhosgail an taisbeanadh Dihaoine.

Làimhseachadh mì-iomchaidh

Thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd gun do thòisich an iomairt aca-san aig an taisbeanadh mu dheireadh san taigh-tasgaidh air an robh The Celts 's iad ag ràdh gun robh sin lag a thaobh na Gàidhlig.

"Bha fios againn gum biodh taisbeanadh ùr a' tighinnn agus bha sinn a' bruidhinn riutha gus faighinn a-mach dè an t-seòrsa àite a bhiodh ann airson na Gàidhlig agus bha e follaiseach nach biodh àite ceart aice san taisbeanadh ùr a tha seo," thuirt e.

Bha an t-Oll. Wilson MacLeòid am measg na bha a' togail fianais agus tha esan den bheachd nach eil an taigh-tasgaidh air a' chùis a' làimhseachadh ann an dòigh iomchaidh.

"Chan eil iad a' mìneachadh carson nach eil iad deònach rudeigin nas motha, nas susbaintiche a dhèanamh dhan Ghàidhlig, dìreach seann sgeulachdan, seann tuigsinn, seann leisgeulan, chanainn, agus tha sin bochd," thuirt e.

Thuirt Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba nach biodh e iomchaidh an taisbeanadh a dhèanamh dà-chànanach leis gu bheil e a' coimhead air cùis nan Seumasach ann an co-theacsa Eòrpach.

A rèir Mhgr MhicLeòid 's e beachd gu math seann-fhasanta a tha sin.

"'S e cànan Eòrpach a tha sa Ghàidhlig, ùr-nodha, a ghabhas a chleachdadh ann an iomadh co-theacsa airson taisbeanadh sam bith a nì an taigh-tasgaidh seo ann an da-rìribh, agus chan eil e ach reusanta a bhith a' smaoineachadh gum biodh i air a cleachdadh an lùib rudeigin a tha cho cudromach agus fìor bhuntainneach do chùis na Gàidhlig", thuirt Mgr MacLeòid.

Teachdaireachd

Thuirt tè-iomairt eile, Alison Ní Dhorchaidhe, gun do chaill an taigh-tasgaidh cothrom airson sgoilearan Gàidhlig a bhrosnachadh.

"Mar neach a tha ag obair mar oifigear-òigridh tha mi a' faireachdainn gu bheil e gu math cudromach ma tha clann ag ionnsachadh eachdraidh na h-Alba agus gum bi iad a' tighinn air turas sgoile gu taisbeanadh mar seo 's gum bi iad a' faicinn gu bheil a' Ghàidhlig mar phàirt mhòr den chultar agus de dh'eachdraidh na h-Alba.

"Ach le a bhith ag innse na fìrinne leis an taisbeanadh seo aig Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba chan eil mi a' smaoineachdh gu bheil iad a' toirt seachad teachdaireachd cho math do dh'òigridh.

"Tha a' Ghàidhlig air an iomall anns an taisbeanadh aca 's chan e deagh theachdaireachd a tha sin do chloinn," thuirt i.

Tha Misneachd a-nis ag ràdh gur dòcha gum bu chòir coimhead ri Achd na Gàidhlig a neartachadh neo coimhead ri mar a tha planaichean Gàidhlig gan cur an gnìomh.

Thuirt Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba gu bheil cànan 's cultar na Gàidhlig a' nochdadh anns an taisbeanadh ùr gu sònraichte ann am pìos mu ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745/46.

A rèir an taigh-tasgaidh gheibhear teacsa an taisbeanaidh ann an Gàidhlig air an eadar-lìon, agus bidh ceòl Gàidhlig mu na Seumasaich aig an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta san Lùnastal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo