Gotland 2017: Là 1

  • 26 An t-Ogmhìos 2017

Theab 's cha do theab don sgioba losgaidh le Ruairidh MacDhòmhnall agus Dòmhnall Walker criochnachadh sa 4mh àite ann an farpais sgioba ABT, aon puing eadar iad fhèin agus sgioba Eilein Sark a ghlèidh an duais Umha san fharpais, le sgioba Gibraltar a togail a' Bhuinn Òir. B' e Menorca a fhuair am Bonn Airgead.

Madainn Didòmhnaich ann am farpais an Triathlon, bha Cairstiona NicChoinnich san 16mh àite.

Sgioba Lùth-chleasachd - Donnchadh MacEalair a rùith san 10,000m a' tighinn a-steach le uair 34:56.8 san 12mh àite aig Pàirce Gutavallen oidhche Dhòmhnaich.

Ann an rèis 800m oidhche Dhòmhnaich tha Dòmhnall MacLeòid agus Mìcheal Mac a' Mhaoilein troimhe chun na cuairte deireannaich den fharpais Dimàirt. Tha Dòmhnall a' dìon an tìotail a ghlèidh e o chionn dà bhliadhna aig na geamanan ann an Jersey.

Image caption Fhuair Dòmhnall MacLeòid agus Mìcheal Mac a' Mhaoilein troimhe chun na cuairte deireannaich de dh'fharpais an 800m, a thèid a chumail Dimàirt.

Cuideachd oidhche Dhòmhnaich san leum fhada bha Jenny Nic an t-Sagairt san 8mh àite agus Abbie NicAoidh san 12mh àite. B' e Hanna Wiss às Aland a thog Bonn Òir.

Fhuair Abbie NicAoidh troimhe chun na h-iar-chuairt dheireannach den 100m ach gu mì-fhortanach cha deachd dhi faighinn dhan chuairt dheireannaich den fharpais.

Image caption Thàinig Jenny Nic an t-Sagairt san 8mh àite san leum fhada, le Abbie NicAoidh san 12mh àite.

Bha sgiobaidhean ball-coise nam fear agus nam ban aig na h-Eileannan an Iar a' cluiche feasgar Didòmhnaich anns a' chiad geama aca.

Chaill na boireannaidh 5-2 an aghaidh Aland agus na fìr a' dol sìos 3-0 an aghaidh sgioba na Graonlainne.

Image caption Chaill sgioba ball-coise nam ban aig na h-Eileanan Siar 5-2 an aghaidh Aland.
Image caption Chaill Sgioba Ball-Coise nam Fear aig na h-Eileanna Siar 3-0 an aghaidh na Graonlainne sa chiad gheama aca.