Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Ogmhìos 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Tòraidhean 's an DUP

Thathar a' tuigsinn gun tèid fiosrachadh fhoillseachadh mu aonta eadar an DUP agus na Tòraidhean an ceann an ath-uair de thìde no dhà. Tha ceannard an DUP, Arlene Foster, aig Sràid Dhowning madainn an-diugh. Fo aonta sam bith chuireadh an deichnear bhall à Èirinn a Tuath taic ri riaghaltas beag-chuid Thòraidheach. Tha dùil gum faigh an DUP ionmhas a bharrachd do dh'Èirinn a Tuath mar phàirt den aonta ùr.

Brexit

Innsidh Theresa May barrachd an-diugh a thaobh dè eile a thèid a thabhann do shaorannaich an EU a bhios a' fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte an dèidh Bhrexit, agus dè na gealltanasan a bhios i ag iarraidh do Bhreatannaich a bha a' fuireach ann an dùthchannan Eòrpach. Thèid barrachd fhoillseachadh mu sgeama a cheadaicheadh do shaorannaich tagradh a chur a-steach airson "inbhe suidhichte" ann am Breatainn. Bruidhnidh am Prìomhaire ri Buill-Phàrlamaid an-diugh fhathast.

Tùir Chòmhnaidh

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' dìon na h-ùine a tha e a' toirt deuchainnean a dhèanamh air sàbhailteachd nan togalaichean àrda ann an Sasainn, an dèidh teine Tùr Ghrenfell, agus iad ag ràdh gu bheilear ga dèanamh cho luath 's a thèid aca air. Chun seo tha 60 de na tùir air an deach deuchainnean a dhèanamh air fàiligeadh. Feumar sgrùdadh a dhèanamh air 600 togalach uile gu lèir. Bidh buill den Phàrlamaid Albannaich a' coimhead air sàbhailteachd ann an togalaichean àrda na dùthcha seo.

Buidseat na Gàidhealtachd

Thèid innse do Chomhairlichean sgìre na Gàidhealtachd an t-seachdain seo gum bi toll eadar £120m agus £180m anns a' bhuidseat aca thairis air a' chòig bliadhna a tha romhainn. Molaidh Stiùiriche an Ionmhais Derek Yule dha na comhairlichean, gum feum iad dàrna leth de na pròiseactan calpa a tha san amharc aca a chur an dàrna taobh.

Lunnainn

Chaidh sianar oifigearan poilis a ghoirteachadh ann an àimhreit le daoine a' togail fianais air taobh an ear Lunnainn. Bha eas-aonta air na sràidean agus feadhainn mì-thoilichte mu bhàs fhir a chaidh a stad airson laghan trafaig a bhriseadh. Chaochail Edir Frederico da Costa, a bha 25, an t-seachdain seo chaidh, sia làithean an dèidh dha na Poilis a stad. Thuirt luchd-iomairt gun deach amhaich a bhriseadh. Ach thuirt Buidheann Sgùdaidh nam Poileas nach deach fianais sam bith dheth sin a lorg ann an deuchainnean a chaidh a dhèanamh air.

Finsbury Park

Thèid mionaid de shàmhchair a chumail aig meadhan là mar chuimhneachan orrasan air an tug ionnsaigh aig Mosg Finsbury Park ann an Lunnainn buaidh. Chaochail aon duine, agu chaidh grunn eile a ghoirteachadh. Chaidh Darren Osborne, aois 47, à Cardiff, a chur fo chasaidean muirt, agus oidhirp muirt. Nochdaidh e anns an Old Bailey a-màireach.