Dùil ri tuilleadh ghearraidhean

  • 26 An t-Ogmhìos 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid innse do chomhairlichean na Gàidhealtachd an t-seachdain seo gum bi toll de eadar £120m agus £180m sa bhuidseat aca thairis air na còig bliadhna a tha romhainn.

Canaidh Stiùiriche an Ionmhais, Derek Yule, gu bheil e a' sùileachadh lùghdachadh san airgead a tha iad a' faotainn bho Riaghaltas na h-Alba, ach cuideachd gu bheil na buidseatan aca fo ìmpidh le ìre na h-atmhorachd ag èirigh, agus barrachd dhaoine a' cur feum air seirbheisean na Comhairle.

Molaidh Mgr Yule cuideachd gum feumar dàrna leth nam pròiseactan calpa a chur an dàrna taobh.